![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/8/88/Bandera_de_C%25C3%25A1ceres.svg/langgd-640px-Bandera_de_C%25C3%25A1ceres.svg.png&w=640&q=50)
Cáceres
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e baile mòr air an àirde an iar na Spàinne a th’ ann Cáceres (IPA: kaθeɾes, Estremeñu: Caçris). Chaidh e a stèidheachadh mu 79 Ro Chrìosd le Quintus Caecilius Metellus Pius.[1] Tha Cáceres suidhichte shuas air a' chòmhnard àrd ann an Extremadura ris an canar Llanos de Cáceres,[2] aig 403m os cionn ìre na mara,[3] faisg air an Abhainn Guadiloba.[4] Tha Cáceres 241km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 743km bho Bharcelona.[5] Tha 93,131 daoine a’ fuireach ann an Cáceres,[6] an darna baile as motha ann an Extremadura agus an 72mh baile na Spàinne.[7] Chaidh e ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO ann ann 1986.[8] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cáceres a th’ann Cáceres cuideachd.
Cáceres
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 39° 29' Tuath 06° 22' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,750.33 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 93,131 (2009) | ||||
Dlùths | 53.21/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 927 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |