From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e beinn ann an Alba a th' ann a' Bheinn Mhòir (Beurla: Ben More).[1] Tha e suidhichte ann am Muile. Tha e 966 m (3169 troigh) de dh'àirde.[2] agus mar sin 's e sin a' bheinn as àirde air an eilean. 'S e Beinn Rothaich, Murdo agus Marilyn a th' ann. Bho mhullach na beinne gheibhear aon de na seallaidhean as fheàrr air feadh nan Eileanan a-staigh.[3]
A' Bheinn Mhòr (Muile) | |
---|---|
Sealladh bhon Chioch air a' Bheinn Mhòir. | |
Àirde (m) | 966 |
Àirde (tr) | 3169 |
Àirde rinneach (m) | 966 |
air liosta | Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (47 48) OS Explorer (375W) |
Comharradh-clèithe | NM525330 |
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[4] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air a' Bheinn Mhòir san 28 an Dàmhair 2001.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.