![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/d/df/Colwyn_Bay_-_geograph.org.uk_-_131878.jpg/640px-Colwyn_Bay_-_geograph.org.uk_-_131878.jpg&w=640&q=50)
Bae Colwyn
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann am Bwrdeistref Sirol Conwy, a' Chuimrigh a tha ann am Bae Colwyn (Beurla: Colwyn Bay). Ann an 2001 bha 9,742 duine a' fuireach an seo. Tha am baile suidhichte air a' chosta san àirde a tuath na Cuimrigh. Tha am prìomh-rathad A55 a' ruith tron bhaile mar a tha a Rathad-iarainn Oir-thìr Tuath na Cuimrigh.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/d/df/Colwyn_Bay_-_geograph.org.uk_-_131878.jpg/320px-Colwyn_Bay_-_geograph.org.uk_-_131878.jpg)
A-rèir an cunntas-sluaigh ann an 2001 bha Cuimris aig 20% de mhuinntir a' bhaile. Tha na ceudan as àirde a-measg nan daoine òga eadar 10 is 14 bliadhna a dh'aois. Tha Cuimris aig 38% dhiubh. Tha sgoil ann le foghlam tro mheadhan na Cuimris, Ysgol Bod-Alaw.