An t-Aonadh Sobhiatach
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e dùthaich comannach a bh’ anns an t-Aonadh nam Poblachdan Sòisealach Sobhiatach neo APSS (Beurla: USSR, Ruiseis: СССР), agus nuair a chaidh a stèidheachadh ‘s e a chiad dùthaich sòisealach ann an eachdraidh na cruinne a bh’ ann. Mhair an t-Aonadh bho 1922 gu 1991 agus ì suidhichte ann an Eurasia. Gu tric bhiodh feadhainn ga ainmeachadh mar an Ruis oir b’ e an dùthaich ud an roinn is motha agus is cumhachdach am broinn an stàit. Bho 1945 gu briseadh an t-aonadh ann an 1991 – àm ris an canar an “Cogadh Fuar” – sheas an t-Aonadh Sobhiat an aghaidh Na Stàitean Aonaichte mar aon de na dhà dùthchannan is neartmhor, no “superpowers” mar chanar ‘sa Bheurla, san t-saoghal aig an robh buaidh farsaing anns a h-uile pàirt den cruinne.
An t-Aonadh Sobhiatach Союз Советских Социалистических Республик Soyuz Sovetskikh Sotsialisticheskikh Respublik | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1922 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1991 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Mosgo | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Dim. Ruiseis (de facto) agus 14 càinntean oifigeil eile | |||||||
Prìomhaire | A chiad fhear: Vladimir Lenin (1922 - 1924) An fhear mu dheireadh: Mikhail Gorbachev (1985 - 1991) | |||||||
Farsaingeachd | 22,402,200 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 293,047,571 (1991) | |||||||
Dlùths | 13.08/km2 | |||||||
Airgead | Ruble (SUR) | |||||||
Iar-theachdaichean | ||||||||
Airmeinia Asarbaideàn A' Bhealaruis A' Chairtbheil Casachstàn Cìorgastan Eastòinia An Laitbhe Liotuàinia Moldàibhia An Ruis Taidigeastàn Turcmanastàn An Ucràin Usbagastàn |