From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha anns An t-Àrd-Ruigh agus Shotts (Beurla: Airdrie and Shotts).[1]
An t-Àrd-Ruigh agus Shotts | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Anum Qaisar |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Chaidh a cruthachadh ann an 1997 o Bhad nam Manach an Ear ach mhùth na crìochan ann an 2005.
Tha An t-Àrd Ruigh fhèin, Shotts, Caldercruix agus Calderbank anns na sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Coatbridge, Chryston agus Belshill, Tobar na Màthar agus Wishaw, Lannraig agus Hamilton an Ear, Baile Lèibhinn, Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear agus Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear.
Bhuannaich Neil Gray ann an 2015, 2017 agus 2019 i ach sheas e mar thagraiche airson an Àrd-Ruigh agus Shotts sa' Phàrlamaid na h-Alba ann an 2021 agus a rèir riaghailtean a' phàrtaidh fhèin dh'fheum e Westminster fhàgail.[3]
Bidh frith-thaghadh ann 13 Cèitean 2021, is e aon sheachdain an dèidh thaghaidhean eile ann an Alba air sgàth astarachaidh shòisealach ri linn a' choròna-bhìorais.[4] Bhuannaich Anum Qaisar airson an SNP e.[5]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.