An Talamh Ùr is Labrador
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e tè de mhòr-roinnean Chanada a tha ann an Talamh Ùr is Labrador [1] neo Talamh an Èisg is Labrador [2]. Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha. Tha e a' gabhail a-steach an eilein An Talamh Ùr agus Labrador a tha suidhichte air tìr-mòr Chanada.
Tha Baile Naoimh Eòin na prìomh-bhaile.