![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/f/f2/Official_portrait_of_Mr_Alistair_Carmichael_crop_2.jpg/640px-Official_portrait_of_Mr_Alistair_Carmichael_crop_2.jpg&w=640&q=50)
Alastair MacIlleMhìcheil
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha Alastair MacIlleMhìcheil (Beurla: Alistair Carmichael) ’na fhear-poileataigs sa Phàrtaidh Libearal Deamocratach agus ’na bhall de Phàrlamaid Westminster airson Arcaibh agus Sealtainn o 2001 agus e a' leantainn Seumas Uallas. Ro sin sheas e airson Paisley a Deas ann an 1987. Anns a' cho-bhanntachd eadar na Tòraidhich agus na Lib Deamaich fo Dhàibhidh Chamshron bha e na leas-àrd-chuip eadar an Cèitean 2010 gu ruige an Dàmhair 2013 is e na Rùnaire Stàite na h-Alba. Air a' bheing-dhùbhlain bha e na neach-labhairt airson nan Lib Deamach air corra cuspairean, o chionn goirid air Èirinn a Tuath, ceartas agus cùisean na dùthcha.[1]
Rugadh e ann an Ìle agus bha e 'na oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Obar Dheathain. Dh'obraich e mar neach-lagha agus leas-procadair a' Chrùin gu 2001.[2]