A' Ghort Mhòr
From Wikipedia, the free encyclopedia
Thàinig Gort Mhòr (ann an Gàidhlig na h-Èireann: an Gorta Mór, [anˠ ˈgɔɾˠt̪ˠa mˠoːɾˠ]) a dh’ Èireann ann an 1845 agus dh'fhuirich e gu ruige 1852. Bhàis a barrachd air millean Èireannach—faisg air seachdamh àireimh sluaigh na h-Èireann—leis an acras no le cùisean co-cheangailte.[1]
Thàinig gaiseadh a' bhuntàta air feadh na h-Èireann, agus bha mòran daoine bochd a' crochadh sa bhuntàta airson bìdh. (Bha gaiseadh a’ bhuntàta ann air feadh an Eòrpa, ach bha gort mhòr a-mhàin ann an Èireann do bhrìgh sin). Cha tug an ùghdarras Breatannach, fo uachdranas a bha Èirinn, biadh do daoine tinne leis an acras.
Gu co-rèireach, bhàis àireamh Èireannach nas motha ann am "Bliain an Áir" (Bliadhna an Àr) ann an 1740 agus 1741, gort eile le fàilleadh buain a’ bhuntàta is nan gràinnean.[2] Gidheadh, tha a' ghort air sgàil mhòr a chur air an eachdraidh na h-Èireann. Chaochail a' ghort gu maireannach eòlas-sluaigh, poileataigs, agus cultar an eilein. Ghabh a' ghort a-steach dualchas nan Èireannach is an sliochd[1] agus bhrosnaich e gluasaidh fèin-riaghlach is Èireann Aonaichte. Làidrich an nàimhdeas eadar na h-Èireannaich is na riaghaltas Breatannach. Dh'àrdaich frionas cinnidh is creideamh agus neartaich nàiseantachas Èireannach ann an Èireann agus an sliochd Èireannach anns na Stàitean Aonaichte agus ann an dùthchannan eile.