![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/4/46/Poland_Zelazowa_Wola.jpg/640px-Poland_Zelazowa_Wola.jpg&w=640&q=50)
Żelazowa Wola
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e clachan beag ann an cridhe na Pòlainn a th’ ann an Żelazowa Wola (IPA: (ʐɛlaˈzɔva ˈvɔla, Ruiseis: Желазова Вола). Tha e suidhichte aig 69m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Mazowieckie agus anns an sgìre Sochaczewski, 191km air falbh bho Lublin, 138km air falbh bho Kraków agus 45km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Chan eil ach 65 daoine a' fuireach anns a' bhaile bheag seo.[3] Chaidh Żelazowa Wola a stèidheachadh anns an 1579,[4] le Piotr Żelazo agus Paweł Żelazo agus tha an t-ainm a’ ciallachadh Dìleab nan Żelazo.[5]
Żelazowa Wola | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | ![]() |
Sgìre | ![]() |
Co-chomharran | 52° 15' 00 Tuath 20° 19' 00 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 65 (2010) |
Àireamh fòn | (+48) 46 |