From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e cruinneachadh dhe stàitean, dùthchannan agus tìrean ann an cridhe na Roinn-Eòrpa fo stiùireadh impire fad na meadhan aoisean a bh'ann Ìmpireachd Naomh na Ròimhe neo, bhon 16mh Linn dhan 18mh Linn, Ìmpireachd Naomh Gearmailteach neo Ìmpireachd Naomh Nàisean nan Gearmailteach[1], (Laideann: Sacrum Imperium Romanum, Gearmailtis: Heiliges Römisches Reich, Eadailtis: Sacro Romano Impero, Duitsis: Heilige Roomse Rijk)[2] Ged a gabhadh iomadh sgire a-steach dhan impireachd b' ann anns a' Ghearmailt a bha a' mhòr-chuid dhen Ìmpireachd. Canadh cuideachd rithe A' chiad Reich neo Seann Ìmpireachd, gus sgaradh a dhèanamh eadar Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus Ìmpireachd na Gearmailte (1871 - 1918). Bhathar dhen bheachd san 10mh Linn gur e stàit leantainneach laghail Ìmpireachd Theàrlaich Mhòir agus seann Ìmpireachd na Ròimhe a bh' innte. Cha do nochd am facal Naomh san ainm ach fo Friedrich I. ann an 1157 airson coltas cràbhach dligheach a thoirt dhan stàit.[3]
Ìmpireachd Naomh na Ròimhe Sacrum Romanum Imperium Heiliges Römisches Reich | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 962 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1806 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Aachen, München, Pràg, Regensburg, Vienna | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Duitsis, Eadailtis, Fraingis, Frìoslannais, Gearmailtis, Laideann, Polais, Slòbhainis, Sorbais | |||||||
Farsaingeachd | 15,508 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 20,000,000 (1800) | |||||||
Dlùths | 1,289.66/km2 |
Bhuineadh an Tiotal Impire na Ròimhe don teaghlach Carolus bho na chaidh Teàrlach Mòr fhèin chrùnadh leis a Phàp[4] ann an 800 gu ruige 888, nuair a chaidh a chall ann an sreath dhe cogaidhean agus còmhstri eadar teaghlaichean uasal. Chaochail an tagradh mu dheireadh ann an 924 agus, mu dheireadh thall, chaidh Otto I., sliochd Theàrlaich Mhòir, a chrùnadh na impire, ann an 962.[5] Mhair an Ìmpireachd fad 800 bliadhna. Dh' fhàsadh i agus chrìonadh i fad na linntean agus dh' atharrachadh na stàitean a bha na broinn: Diùcachdan, Prionnsalachdan, Rìoghachdan, Easbaigeachdan agus fiù's bailtean saora marsanta.[6] A dh'aindeoin sin, cha do leasachadh stàit chumhachdail aonadach a-riamh, leis cho làidir 's a bha cuid dhe na stàitean a bh'a ann, a bharrachd air na dùthchannan a bha ga cuairteachadh. Chuireadh às dhan Ìmpireachd ann an 1806[7] fo bhuaidh na Frainge agus chaidh na tìrean sin a sgaradh eadar Ìmpireachd na h-Ostaire, A' Phruis, An t-Suain agus Co-chaidreachas na Rèine.
Chuir an Impireachd ainm gu còrdadh na sìthe le Impireachd nan Otomanach ann an 1568, a thug seilbh air Wallachia agus Moldàibhia gu Selim II.[8]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.